Zine 1 Ros Na Muile (Front).Credit Eòghann Mac Colla

An t-sines Mhuileach

As t-Earrach 2026, tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte air an neach-ealain Eòghann MacColla gu Taigh-tasgaidh Cheann Loch Chille Chiarain gus an ùine mu dheireadh air mhuinntireas de Cheanglan Chaluim Chille a ghabhail os làimh. Tha Ceanglan Chaluim Chille mar phàirt de phrògram pìleatach a’ ruith bhon Gheamhradh 2025 chun an Earraich 2026, a’ sgrùdadh cheanglaichean cultarail eadar Èirinn is Alba agus air a dheachdadh le dìleab Chaluim Chille. Tha Ceanglan Chaluim Chille air a dheachdadh agus a’ tarraing à dìleab Chaluim Chille ann an Earra-Ghàidheal. Air a dhealbhadh stèidhichte air Cuairt Chaluim Chille, air a lìbhrigeadh le CHARTS 2023-2024, tha am pròiseact a’ dèanamh barrachd leasachaidh air co-obrachadh eadar Earra-Ghàidheal is Èirinn tro chuspairean cultarail coitcheann thairis air crìochan. 

Leugh mun obair aig Eòghann MacColla gu h-ìseal:

Fiosrachadh

San Lùnastal an-uiridh, rinn mi frithealadh air cuid den ùine air mhuinntireas aig Alasdair MacIlleBhàin Cheanglan Chaluim Chille aig Cnoc Mhaolagain ann am Muile, far an d’fhuair mi stuth saidhbhir bho chaochladh àiteachan. Mar fhreagairt air an ùine agam ann am Muile, chleachd mi an stuth a chruinnich mi, a’ gabhail a-steach ìomhaighean air an dèanamh le camara didseatach cloinne agus an clò-bhualadair teasa na lùib, agus na faclan a sgrìobh mi gus trì irisean-dealain a dhèanamh. 

An Ros Muileach

A’ spaidsearachd timcheall air Fionnphort, lorg sinn cuideigin a bha càirdean dhuinn. Tha  dà iris-dhealain mu dheidhinn, An Ros Muileach I agus An Ros Muileach II. Thog athair leac-sglèata ann am Bail’ a’ Chaolais dha bheatha sa chladh aig Fionnphort san Ros Mhuileach. Chaidh Iain Mac a’ Phearsain às an rathad aig muir far Eilean Thoraigh ann an Tìr Chonaill; naoi là deug às dèidh sin, thàinig a chorp air tìr ann am Fionnphort. Cha do dh’fhàg e an dachaigh riamh, cha deach e a-null thairis a-riamh. Iain bochd, tha sinn uile còmhla ris.   

Taobh Loch Poit na h-Idhe

Taobh Loch Poit na h-Idhe. Bho chionn linn crochadh nan con, bha an loch na àite gus iasg a ghlacadh agus thug e uisge dhan Ìtheach. Tha ainm an locha ag innse seo dhuinn. Cuideachd, ma bheir sinn cluas ri èisteachd, cluinnidh sinn na guthan; ma dh’èisteas sinn, tha iad anns na h-àiteachan a dh’fhàg iad às an dèidh. Innsidh iad dhuinn, air muir is air tìr. Tha iad ann, air cùl nan guthan eile, ma dh’èisteas sinn. Tha carabhanan anns an àite-tuineachaidh, agus tha Cill’ Eàrnain ri taobh an locha. Thathar ag ràdh gu bheil crannag air fear de na h-eileanan anns an loch. 

Stiùireadh

Iris-dhealain 1 An Ros Muileach (Aghaidh). Dealbh: Eòghann MacColla

Iris-dhealain 1 An Ros Muileach (Cùl). Dealbh: Eòghann MacColla

Iris-dhealain 2 An Ros Muileach (Aghaidh). Dealbh: Eòghann MacColla

Iris-dhealain 1 An Ros Muileach (Cùl). Dealbh: Eòghann MacColla

Iris-dhealain 3 Loch Poit na h-Idhe (Aghaidh). Dealbh: Eòghann MacColla

Dèan cinnte gun clò-bhuail thu an dà thaobh air an aon phìos pàipeir; tha an dà chuid A4 no A3 ag obair. Fill na duilleagan ann an ochdamhan, an uair sin geàrr thairis air an dà earrann sa mheadhan gus am pàipear a dhèanamh na iris-dhealain (eisimpleir air bhideo an seo).

- Eòghann MacColla

 

Ma tha thu ag iarraidh na h-eisimpleirean agad a sgapadh, cuir post-dealain gu l info@chartsargyllandisles.org leis a’ chuspair An t-sines Mhuileach.

Chaidh an teacsa seo a chruthachadh agus a thionndadh le Eòghann MacColla. Buinidh na h-irisean-dealain gu lèir ri Eòghann MacColla.

Tha Ceanglan Chaluim Chille ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Colmcille, le taic a bharrachd bho Earra-Ghàidheal beò, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid  agus Alba Chruthachail.

 


In Spring 2026, we are looking forward to welcoming artist Eòghann Mac Colla to Campbeltown Museum to undertake the final Ceanglan Chaluim Chille residency. Ceanglan Chaluim Chille is part of a pilot programme running from Winter 2025 to Spring 2026, exploring cultural links between Ireland and Scotland and inspired by the legacy of Colmcille (St. Columba). Ceanglan Chaluim Chille is inspired by and draws on the legacy of Colmcille in Argyll and Bute. Designed based on the outcomes of Cuairt Chaluim Chille (Touring St. Columba), delivered by CHARTS 2023-2024, the project further develops collaboration between Argyll and Ireland through shared cultural themes across borders. 

Read about Eòghann Mac Colla's work below:

Information

Last August, I attended part of Alastair Whyte’s Ceanglan Chaluim Chille residency at KNOCKvologan, on Mull, where I gathered rich material from a variety of sources. In response to my time on Mull, I used the materials collected, including images made with a kids' digital camera and its heat-source printer, and the words I had written to make three zines, an t-sines Mhuileach. 

Ros na Muileach I & II

Meandering around Fionnphort, we discovered a person who was connected to us. There are two zines about him. Ros na Muileach I and Ros na Muileach II. His father erected a Ballchulish slate gravestone to his life in the cladh at Fionnphort on the Ross of Mull. John MacPherson was lost at sea off Tory Island and Donegal; nineteen days later, his body came to rest in Fionnphort. He never left home, he never went abroad. Iain bhochd, tha sinne uile còmhla ris. 

Taobh Loch Pòit na-Idhe

Taobh Loch Pòit na-Idhe. Since the earliest times, the loch was a place to catch fish and a water source for the Ìtheach. The loch's name tells us this. Similarly, if we listen, we hear the voices; if we listen, they are there in the spaces they left. They will tell us, on the sea and the land. They are there beyond the other voices, if we listen. There are caravans in the settlement, and Ernan’s Cill’ is there by the loch; he came from Tory. They say one of the islands on the loch has a crannog.

Instructions

Zine 1 Ros Na Muile (Front). Credit Eòghann Mac Colla

Zine 1 Ros Na Muile (Back). Credit Eòghann Mac Colla

Zine 2 Ros Na Muile (Front).Credit Eòghann Mac Colla

Zine 2 Ros Na Muile (Back)Credit Eòghann Mac Colla

Zine 3 Loch Pòit Na Idhe (Front). Credit Eòghann Mac Colla

Please be sure to print both sides on the same sheet of paper; A4 or A3 will both work. Fold the pages into eighths, then cut across the two middle sections to turn the paper into a zine (video example here).

- Eòghann Mac Colla

 

If you wish to share your examples, email info@chartsargyllandisles.org with the subject line An t-sines Mhuileach.

This text was created and translated by Eòghann Mac Colla. All zines are credited to Eòghann Mac Colla.

Ceanglan Chaluim Chille is funded by Bòrd na Gàidhlig, Foras na Gaeilge and Colmcille, with further support from Argyll and Bute Council, liveArgyll and Creative Scotland.