Cruthaich Earra-Ghàidheal
Posted by CHARTS
Please see English below
Tha CHARTS ag iarraidh iarrtasan airson Cruthaich Earra-Ghàidheal, sgeama ùr dhuaisean stèidhichte air àite a’ toirt taic do dh’obair chruthachail stèidhichte air cànan is dualchas na Gàidhlig. Bidh an sgeama seo a’ tairgse 12 de dhuaisean uile-gu-lèir: 3 duaisean de £1000 thairis air a h-uile gin de na 4 sgìrean-comhairle ionadail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Cò Dha a tha Cruthaich Earra-Ghàidheal?
Seach gu bheil an sgeama dhuaisean seo a’ buntainn gu lèir ri brìgh na Gàidhlig, tha e ag amas mar sin air aire fileantaich - Gàidheil fhèin no luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig - a tha nan luchd-ealain no luchd-dualchais a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal, agus a tha an t-saothair chruthachail aca stèidhichte air brìgh suidheachadh, cànan agus/no dualchas na Gàidhlig. Faodaidh daoine fa leth, com-pàirteachasan no buidhnean iarrtas a chur a-steach.
Dè an seòrsa obrach ris am bi seo a’ cur taic?
Tha duaisean ag amas air taic a chur ri farsaingeachd de dh’ealainean brìoghmhor thairis air raon mheadhanan, agus faodaidh iarrtasan molaidhean a chur a-steach mar thaic ri leasachadh air obair ùr no cur ri obair a th’ ann mar-thà le mìneachadh follaiseach carson , a’ sònrachadh cuideam na Gàidhlig a rèir Àite ann an Earra-Ghàidheal.
Faicibh Gairm Fhosgailte Cruthaich Earra-Ghàidheal airson fios làn no barrachd fiosrachaidh.
Cinn-là Chudromach
Ceann-là Deireannach airson Iarrtasan 5f, 22 Cèitean
Thoir fa-near nach tèid beachd a ghabhail air iarrtasan fadalach.
Mar a chuireas tu iarrtas a-steach
Dearcnachadh Co-ionnanachd: Lìonaibh a-steach an fhoirm againn mu dhearcnachadh co-ionannachd an seo.
Cuiribh an fhoirm-iarrtais seo sa Ghàidhlig no sa Bheurla, cho math ris an stuth-taice air a bheil iomradh gu h-ìseal, leis a’ Cruthaich Earra-Ghàidheal gu CHARTS, aig info@chartsargyllandisles.org.
Airson barrachd fiosrachaidh sam bith, cuiribh fios gu info@chartsargyllandisles.org.
Tha Cruthaich Earra-Ghàidheal ga mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig le taic bho Alba Chruthachail agus bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
CHARTS invites applications for Cruthaich Earra-Ghàidheal, a new place-based award scheme supporting creative work focused on Gaelic language and culture. This awards scheme will offer 12 awards in total, aiming to issue 3 awards of £1000 across each of the 4 local council areas in Argyll and Bute.
Who Is Cruthaich Earra-Ghàidheal For?
This awards scheme is all about Gaelic significance, open to fluent Gaelic speakers or learners who are artists/heritage practitioners living in Argyll, and whose creative practice builds around the importance of Gaelic context, language and/or culture. Individuals, partnerships or organisations are welcome to apply.
What type of work does this support?
Awards aim to support a variety of expressive arts work across a range of media, and submissions may include proposals to support the development of new work or build on existing work with a clear rationale to do so, highlighting the importance of Gaelic in an Argyll, Place, context.
Please see Cruthaich Earra-Ghàidheal Open Call for full details / further information.
Key dates
Deadline for Applications 5pm 22 May
Please note that late applications will not be considered.
How to apply
Equalities Monitoring: Please complete our equalities monitoring form here. Return to info@chartsargyllandisles.org.
Please forward this application form in Gaelic or English, alongside the required support material listed below, with the heading Cruthaich Earra-Ghàidheal to CHARTS, at info@chartsargyllandisles.org.
For any further information, please contact info@chartsargyllandisles.org.
Cruthaich Earra-Ghàidheal is funded by Bòrd na Gàidhlig with support from Creative Scotland and Argyll and Bute Council.
Image: McCaig Tower, Oban, Colmcille Awards Projection Event 2021