Gaelic
Gus Seachdain na Gàidhlig 21 gu 22 Màrt 2022 a chomharrachadh, chruthaich CHARTS pasgan-ghoireasan ealain airson nan Sgoiltean ann an com-pàirteachas ri Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Chuidich am pasgan gus cànan, bàrdachd is seanchas na Gàidhlig a chur air adhart agus fhuair e taic bho Heritage Horizons, pròiseact le CHARTS ann an com-pàirteachas ri Taigh-tasgaidh is Fòram Dualchas Earra-Ghàidheal is Bhòid, aig an robh e mar amas cur ri cothrom air Gàidhlig do dhaoine òga.
Chaidh obair le clann-sgoile a thaisbeanadh ri linn comharrachadh Seachdain na Gàidhlig agus a nochdadh aig TURAS a chaidh a chumail ann am Pàirc na Dìthreibh, Baile Eilidh, 24 Màrt 2022.
Digital resource packs created for this project are still available as learning resources:
Primary School Pack English / Gaelic
High School Pack English / Gaelic
Bu mhath leinn taing a thoirt do na sgoiltean a ghabh pàirt ann am farpais nam Bun-sgoiltean Gàidhlig agus tha sinn cho moiteil saothair a shealltainn dhuibh bho Bhun-sgoil Bhogha Mhòir, Bun-sgoil na Creige agus Bun-sgoil Bhun Easain. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh a bhith a’ sealltainn air an obair mhìorbhailich a chaidh a chruthachadh!
Tha taic ris an tachartas seo bho Bhòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.
“Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do gach sgoilear agus tidsear a bha an sàs san fharpais seo. Abair dealbhan àlainn! Tha e air leth cudromach gun toir sinn cùram don àrainneachd phrìseil a tha againn ann an Earra-Ghàidheal agus gu bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe na h-àrainneachd sin; agus gu dearbha 's e sin na rinn sibh sna dealbhan seo. Taing mhòr dhuibh uile.” - Alasdair Whyte
English
To celebrate Seachdain na Gàidhlig / World Gaelic Week, 21-27 March 2022, CHARTS created a digital arts resource pack for Primary and Secondary School pupils in partnership with Gaelic Community Development, Argyll & Bute Council. The pack helped to promote Gaelic language, poetry and storytelling and was supported by Heritage Horizons, a CHARTS project in partnership with the Argyll & Bute Museum and Heritage Forum, which aimed to increase access to Gaelic for young people.
Work produced by pupils was displayed during the celebration of Seachdain na Gàidhlig / World Gaelic Week and was showcased at TURAS held at Hermitage Park, Helensburgh, on 24 March 2022.
Digital resource packs created for this project are still available as learning resources:
Primary School Pack English / Gaelic
High School Pack English / Gaelic
We would like to thank the schools that took part in our Primary School Gaelic competition and are proud to share with you the work from Bowmore Primary, Rockfield Primary and Bunessan Primary. We hope you enjoy looking through the incredible work created!
This event is supported by Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig, Argyll and Bute Council.