Gaelic
Tha Mhairi Killin na neach-ealain lèirsinneach à Ì Chaluim Chille, far am bi i a-mach air a’ cheangal eadar am fearann, a’ mhuir, na daoine agus creutairean beò eile. Mar bhall de dh’Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, bidh an obair aice a’ ceasnachaidh an t-seallaidh gu bheil eileanan iomallach, gan riochdachadh seach sin mar ionadan adhartach far a bheil sealladh fa leth de na dùbhlain a th’ air thoiseach. Ag obair le tarraing, clò, snaigheadh, agus film, rinn am pròiseact aice o chionn ghoirid On Sonorous Seas rannsachadh air far a bheil fuaim, èic-eòlas agus armailteachd a’ tighinn còmhla. Tha àite deatamach aig a’ Ghàidhlig anns an obair aice, ga cuideachadh gus an dìleab cultarail aice ath-shealbhachadh agus a’ cur ris an tuigse a th’ aice air cruthan-tìre agus sluagh Innse Gall.
“Tha ionnsachadh na Gàidhlig, ga toirt an làthair anns an obair agam agus ri faotainn dhan luchd-èisteachd agam, na cheum gus dòigh a tha stèidhichte air àite ach gun a bhith cuibhrichte ri àite gus eòlas a dh’ionnsaigh fios anns an obair agam a leudachadh, ann an oidhirp càirdeas cultarail, beusail agus co-chèileach ri àite is daoine a chruthachadh.” – Mhairi Killin
Image: ‘On Sonorous Seas - A Constellation of Strandings’, Collaborative video with artist Tom DeMajo, photography Sarah Darling. Credit Mhairi Killin