Gaelic
Tha Màiri NicIllÌosa na neach-ealain às a’ Ghalltachd, a tha a’ fuireach a-nis ann an Ùige Leòdhais. Tha an obair aice, na snaigheadaireachd gu tric, air a freumhachadh gu domhainn san ‘Àite’, agus i a’ rannsachadh dhòighean-sealltainn Gàidhlig agus nan càirdeasan eadar gnèithean, àiteachan agus cultar. Tha obair Màiri na gnìomhadh sèimh le lùth feimineach, air a cruthachadh leis an ìomhaigh Ghàidhealach aice. Le bhith an sàs ann an caochladh choimhearsnachdan Gàidhlig, thaisbeanaidhean agus amannan air mhuinntireas, tha i a’ cruthachadh cheanglaichean ri fearann, dùthchas, agus na daoine a chaidh roimhpe. Tha i cuideachd a’ ruith “Reothart nan Ealain” na ionad-ealain lèirsinneach Gàidhlig.
“Tha Gàidhlig mar phàirt den dòigh sam bi mi a’ sealltainn air an t-saoghal agus tha i uime sin bunaiteach dhan chleachdadh chruthachail agam. Dhomhsa, is iad cultar is cànan na Gàidhlig na slighean gu tuigse dhùthchasach air ‘Àite’.” – Màiri NicIllÌosa
Image: Mairi Gillies