Gaelic
Tha Lyndsey Davidson ri iomadh seòrsa de dh’obair-chlò aig The Hunter Press, a’ tarraing brosnachadh bho chruth-tìre Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt agus Albais is Gàidhlig. Tha an obair aice a’ toirt còmhla dhòighean dùthchasach le dòighean ùra dealbhadaireachd leithid Cyanotype agus Photogravure, a-mach air cuspairean leithid mothalachd, nàdar, agus saidheans. Tha Lyndsey a’ cruthachadh studio-clò an-dràsta ag amas air ceangal ris a’ choimhearsnachd, agus clasaichean ann an dèanamh-clò agus pròiseactan a-muigh, gu sònraichte le sgoiltean ionadail leithid Bràghad Albann ann an Obar Pheallaidh, far a bheil aonad Gàidhlig. Bidh i cuideachd ag obair air coimiseanan airson litrichean-clò pearsanta air a bheil Gàidhlig.
“Tha a bhith a’ toirt a-steach Gàidhlig anns an obair-chlò agam a’ leigeil leam faireachdainn gu bheil mi ceangailte ris a’ chultar is ri cruth na tìre againn, leis an amas anns an fharsaingeachd gun adhbharaich an obair agam deasbad mun chànan àlainn againn, biodh e eadar luchd-labhairt na Gàidhlig no daoine gun Ghàidhlig.” - Lyndsey Davidson
Image: Better Than Gold. Credit Lyndsey Davidson