Gaelic
Tha Judy na neach-ealain dhealbh is fuaime a th’ air a bhith ris còrr is fichead bliadhna, a’ sealltainn gu sònraichte ris a’ cheangal eadar buinteanas, fallaineachd, agus an àrainneachd. Thàinig às an obair aice, a bhios a-mach gu tric air cànan agus ìomhaigh chultarail, com-pàirteachasan le coimhearsnachdan dùthchasach, luchd-labhairt Gàidhlig agus pròiseactan àrainneachd. Am measg nan euchdan sònraichte aice tha aithriseachd mun ar-a-mach a chuir Evo Morales ann an cumhachd, Arts Fellowship gu Antarctica, agus taisbeanaidhean airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu ann an 2014. Tha pròiseactan Gàidhlig Judy, leithid Freumhaichte agus Dualchas agus Rionnach Maoim, ris an do chuir CHARTS taic, a’ cruthachadh deasbad eadar cultaran, a’ cur cuideam air brìgh cànan, ìomhaigh, agus saoghal an nàdair air a’ bhlàr a-muigh.
“Tha ùidh agam san t-saidheans an lùib mar a tha cànan a’ toirt buaidh air an t-sealladh a th’ againn den t-saoghal agus mar a tha bàs cànain dùthchasaich ag adhbharachd gu bheilear a’ call fios èic-eòlach. Tha tòrr ri ionnsachadh bho chultaran dùthchasach air feadh an t-saoghail, dualchas na Gàidhlig nam measg. Bho shean bhiodh coimhearsnachdan na bu stèidhichte san àrainneachd ionadail, agus dh’fhàs ceangal ri cruth na tìre gu math bunaiteach a thaobh fallaineachd. Mar a tha barrachd rannsachaidh shaidheansail a’ sealltainn ceangal làidir a-nis eadar ùine air a cur seachad ann an nàdar agus lùghdachadh air truimead-inntinn, lùghdachadh air strì agus slàinte chorporra nas fheàrr, ’s fhiach gu mòr ceangal a dhèanamh ris na h-àrainneachdan nàdarra agus na cultaran dùthchasach againn.” – Judy Parrott
Image: Flora MacDonald. Credit Judith Parrott.