Gaelic
Tha Angela NicIllebhràighe na neach-ealain a bhios a’ cur ris na dh’fhiosraicheas i mar eileanach agus mar Bhana-Ghàidheal, a’ tarraing bho dhùthchas saidhbhir na Gàidhlig aice. Tron obair aice, bidh i a’ fighe sgeulachdan, bàrdachd, ainmean-àite, agus guthan nan daoine aice ann an ìomhaighean air an glacadh le camara agus air an atharrachadh tro chaochladh mhodhan-obrach. Tha cultar na Gàidhlig aig cridhe na chruthaicheas i, a’ treòrachadh a’ cheangail a th’ aice ris an fhearann is an eachdraidh na lùib. Tha an sreath de dh’ìomhaighean aice, air a bhrosnachadh le baile Àird Shlèite, a’ nochdadh an turais a tha a’ dol air adhart aice de dh’ionnsachadh bhon dualchas agus bhon choimhearsnachd aice.
“Tha mi mothachail air an dìleab phrìseil a thugadh dhuinn.” – Angela NicIllebhràighe
Image: Reulna Mara. Credit Angela NicIllebhràighe